Bàs na Cailliche Bèire

Поділитися
Вставка
  • Опубліковано 18 вер 2024
  • Bha fuamhaire le aon sùil ann an Eilean Earraid air an robh a’ Chailleach Bheur. Dh’fheumadh i a dhol gu Loch Bà gach ceud bliadhna a dh’fhailceadh. Bha trì beathaichean mairt aice agus cha robh ach aon tobar air tìr-mòr far an gabhadh iad deoch. Bha brod mòr de chloich air an tobar a dh’fheumadh i a thogail ach am faigheadh an crodh deoch. Dh’fheumadh i a chur air ais mus rachadh a’ ghrian fodha no rachadh tuil air feadh na talmhainn gu lèir. Aon uair, thuit i na cadal ach dhùisg i dìreach nuair a bha Loch Obha air a chruthachadh agus fhuair i air am brod a chur air ais air an tobar.
    Nuair a bhiodh i a’ dol gu Loch Bà a h-uile ceud bliadhna, chan fhaodadh i comhart coin a chluinntinn no gheibheadh i am bàs. Chaidh i seachad air cìobair uair ge-tà, is thug an cù aige comhart. Bha a’ Chailleach Bheur a’ bàsachadh agus ged a dh’fheuch an cìobair ri cuideachadh, cha robh dad ann a b’ urrainn dha a dhèanamh air a son. Mus do bhàsaich i ghabh i òran. Chan eil aig Dùghall ach aon rann agus tha e ga gabhail an seo.
    Chaidh an sgeulachd innse an toiseachd le An Caiptean Dùghall MacCormaig, Dùghall Iain Nèill Dhùghaill (1877-1969). Rugadh agus thogadh e ann am Fionnphort, Muile. B’ e maraiche a bh’ ann agus bha e na chaiptean san arm ann an Astràilia. Chaidh e a dh’fhuireach a dh’Astràilia far an robh e ag obair le caoraich. Sgrìobh e bàrdachd ann an Gàidhlig agus ann am Beurla. Sgrìobh e cuideachd puirt airson na pìoba.
    www.tobarandual...

КОМЕНТАРІ •