Oifigeach Dubh Bhaile a’ Chròthain

Поділитися
Вставка
  • Опубліковано 8 лис 2020
  • Tha Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach ag innse sgeulachd à Bàideanach. Bha fear ann, Iain Mac a’ Phearsain, a bha na chaiptean san arm, agus ’s e an t-Oifigeach Dubh a bh’ aca air. Chanadh feadhainn gun d’ fhuair e an t-ainm a chionn ’s gun robh e dorcha na choltas, ach chanadh cuid eile gun robh e na fhìor dhroch dhuine, ’s gun robh e air fhèin a reic ris an Diabhal.
    Bha cogaidhean Napoleon a’ dol aig an àm. Bha an t-Oifigeach meallta sna dòighean a bhiodh e a’ glacadh fhear òga airson an airm, a’ cur airgead an rìgh nam pòcaid an aghaidh an toil. Bha gràin aig na daoine air.
    Bhiodh an t-Oifigeach a’ dol a shealg cuide ri feadhainn eile air a’ mhonadh. Aon oidhche, bha iad san taigh-sheilg. Thàinig neach neònach air choreigin a bhruidhinn ris, ag ràdh: “Seo an oidhche.” Ach thuirt an t-Oifigeach nach b’ e, agus gun robh bliadhna eile aige. Thill iad dhachaigh.
    An ath bhliadhna chaidh a’ bhuidheann air ais. Bha stoirm ann. Chaidh feadhainn a-mach a choimhead airson nan sealgairean, ach cha robh sìon air fhàgail den bhothan ach an làrach, agus fhuair iad na cuirp air an sgapadh gu farsaing mu chuairt air, ’s iad air an droch mhilleadh agus coltas an uabhais orra.
    Thog iad na cuirp, ach cha b’ urrainn dhaibh corp an Oifigich a thogail an toiseach, gus an tug iad leotha e “ann an ainm an Droch Fhir”.
    Tha an sgeulachd seo anns an leabhar ‘The Highlands’, a sgrìobh Calum MacIllEathain.
    Chaidh an sgeulachd seo innse an toiseachd le Dòmhnall Eairdsidh Dòmhnallach à sgìre Sholais, Uibhist a Tuath. Bha teaghlach athar air a bhith ann an Uibhist còrr is 200 bliadhna; b’ ann à Gallaibh a bha cuideachd a mhàthar agus dh’fhàs e suas ann an dachaigh dà-chànanach. Coltach ri cho-aoisean, b’ fheudar dha an t-eilean fhàgail airson foghlam àrd-ìre fhaighinn, agus chaidh e gu Àrd-sgoil Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach. An dèidh sin chaidh e gu Oilthigh Dhùn Èideann, far an do cheumnaich e le ceum ann am Beurla ann an 1953 agus ann an Ceiltis ann an 1955. An dèidh dha ùine a chur seachad ag obair aig Register House agus Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, fhuair e obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba, obair a thug tlachd mhòr dha. Bha ùidh shònraichte aige ann am beul-aithris agus sgeulachdan, agus ann an 1966 chuir e Tasglann nan Sgeul air bhonn, goireas rannsachaidh taobh a-staigh Tasglann Fuaim Sgoil Eòlais na h-Alba. Bha e fhèin agus Alan Bruford ag obair air an iris ‘Tocher’ agus bhiodh iad ga dheasachadh eatarra airson iomadach bliadhna.
    Bha Dòmhnall Eairdsidh ag obair aig an Sgoil bho 1962 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1994. Bha diofar dhreuchdan aige thar nam bliadhnaichean - bha e na fhear-rannsachaidh, neach-teagaisg, oidiche agus stiùiriche aig an Sgoil. Eadar na 1950an agus 1990an chruinnich e còrr is 800 clàr-fuaim. Tha an cruinneachadh luachmhor seo aig an Sgoil.

КОМЕНТАРІ •